Ceangal air ais gu duilleag dachaigh na làraich |  Dachaigh  |  Seòlaidhean  |  Read in  |
Dealbhan air a' Cholaiste agus Oileanaich  
DACHAIGH
MU DHEIDHINN
CÙRSAICHEAN
GOIREASAN
GÀIDHLIG AIR AN LÌON
   

Amas

Tachartasan

Cò sinne

Dealbhan

Eachdraidh

 
Eachdraidh

Ann an 1997 chuireadh buidheann air bhonn gus Ionad Dualchais agus Cànan na Gàidhlig a steidhicheadh ann an Ìle. Air an t-siathamh latha deug den Lùnastal 2002 dh'fhosgail Ionad Chaluim Chille Ìle faisg air Bogha Mòr.


Chaidh seann ospadal aig Gart na Trà ùrachadh agus a meudachadh gu mòr airson an Ionaid ùir. Chaidh an t-seann phìos den togalach a thogail ann an 1904. A-nis tha goireasan ùra ann agus tha e co-dhiù trì meud na bha e. Am broinn an togalaich tha seòmraichean teagaisg ann, leabharlann, cròileagan, seòmraichean cruinneachaidh, goireasan craobh-sgaoilidh, coimpiutarlann agus àite-taisbeanaidh.
Chaidh Ionad Chaluim Chille Ìle a chur air choir gus cànan agus cultar na Gàidhlig a bhrosnachadh ann an Ìle. Tha e ag amas air seo a dhèanamh ann an grunn dhòighean: a’ cur foghlam àrd ìre air dòigh tro mheadhan na Gàidhlig; a’ tabhainn chlasaichean oidhche ann an Gàidhlig; iomairtean brosnachadh na Gàidhlig; pròiseactan rannsachaidh agus cùrsaichean goirid ‘sa chànan agus anns na h-ealain. A-bharrachd air na seirbhisean seo, ‘s e goireas luachmhor a th’ ann don choimhearsnachd air fad – a’ leagail àiteannan-cruinneachaidh air màl do bhuidhnean coimhearsnachd.

Tha ICC Ìle cuideachd gu mòr an-sàs ann a bhith a’ brosnachadh cheanglaichean eadar Gaidhealtachd na h-Alba agus na h-Èireann

Ionad Chaluim Chille Ìle, Gartnatra, Bowmore, ISLE OF ISLAY, PA43 7LN • Tel./Fax: ++44 (0)1496 810818 
A' Cholaiste   |   Cùrsaichean   |   Goireasan  |   Gàidhlig air an Lìon
Seòlaidhean   |  Read in